Loading... Please wait...
  • Image 1

A’ Faicinn Rudan - a short story in Scottish Gaelic by Ian Rankin: Ebook and audio reading available on ITUNES

£3.50

Product Description

itunes-badge.jpg

A’ Faicinn Rudan: eBOOK and READING available on iTunes

A short story by Ian Rankin, from the collection of ‘A GOOD HANGING’ first published in 1992, translated into Scottish Gaelic by Tormod MacGill-Eain and Ruairidh Mac an t-Saoir and audio reading by Gillebride Mac IlleMhaoil, 2016

Published by Grace Note Publications in the collection of Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus. LAGE/ISBN 978-1-907676-52-9

A’ Faicinn Rudan

B’ e nigheanan ciallach a bh’ annta, bho dheagh dhachaighean Caitligeach. Bha iad còig bliadhna deug a dh’aois, agus bha iad uile am beachd a dhol dhan oilithigh, dreuchd fhaighinn agus pòsadh. Cha robh coltas orra gun robh iad cleachdte ri bhith ri ròlaistean no ri breugan. Bha an aon sgeul air a bhith aca. Bha iad air a bhith mu dheich air fhichead troigh bhon chraoibh nuair a bha iad air duine fhaicinn. Aon diog cha robh e ann, an uair sin nochd e. Sgeadaichte ann an geal le deàrrsadh mun cuairt air. Gruag fhada, dhualach, dhorcha agus feusag. Coltas bàn air aodann, bha iad cinnteach às an seo. Chuir e aon làmh air a’ chraoibh, agus bha a làmh eile ri a chliathaich. A chliathach dheas – a-rithist, bha an triùir ag aontachadh. Thog e a làmh agus chunnaic iad gun robh fuil air a chliathaich. Paidse dorcha dearg. Chlisg iad. Choimhead iad ri chèile airson na bha iad air fhaicinn a dhaingneachadh. Nuair a choimhead iad a-rithist, bha an duine air a dhol à sealladh.

Tha ‘A’ Faicinn Rudan’ anns an taghadh seo de sgeulachdan eucoir Ian Rankin às na cruinnichidhean aige A GOOD HANGING (1992) agus BEGGARS BANQUET (2002): Clàradh, Mallachd Dean, A’ faicinn Rudan, Auld Lang Syne agus Club nam Fear-uasal – agus Freagairt Ceàrr, Balla-ciùil, Uinneag a’ Chothruim, Bitheamaid Geanach agus Thadthail Cuideigin air Eddie. Ann an naoi de na sgeulachdan tha rannsachadh le Inspeactair John Rebus. An aon sgeulachd anns nach eil Rebus ’s e ‘Thadhail Cuideigin air Eddie’. A rear Ian Rankin, tha an sgeulachd sin mu mhodh-obrach nam poileas: “Tha murtair innte, chaidh cuideigin a mhurt agus tha car san deireadh.”

Find Similar Products by Category

Product Reviews

This product hasn't received any reviews yet. Be the first to review this product!

Write your own product review




Recent Updates

Sign up to our newsletter


Connect with us: Facebook Twitter GooglePlus