Balla Ciùil: eBOOK and READING available on iTunes
A short story by Ian Rankin, from the collection of ‘BEGGARS BANQUET ’ first published in 1992, translated into Scottish Gaelic by Tormod MacGill-Eain and Ruairidh Mac an t-Saoir and audio reading by Gillebride Mac IlleMhaoil, 2016
Published by Grace Note Publications in the collection of Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus. LAGE/ISBN 978-1-907676-52-9
Balla Ciùil
Thòisich Rebus einnsean a’ chàir, chuir e air an siognail agus ghluais e a-mach am measg na trafaig. Bha Holmes a’ sealltainn tron uinneag thoisich. ‘Tha mi ga fhaicinn. Cuir do chas sìos!’
‘Cuir do chas sìos, Inspeactair,’ thuirt Rebus gu calma. ‘Na gabh dragh, Brian.’
‘Iochd, tha e a’ tionndadh a-steach gu Ionad Randolph.’
Rinn Rebus siognail eile, thionndaidh e tarsainn air na càraichean a bha a’ tighinn na choinneamh, agus a-steach air Ionad Randolph, a bha na chùil-dhùinte. Ach, ged a bha e na chùil- dhùinte do chàraichean, bha trannsaichean ann far am faodaist coiseachd air gach taobh de West Register House. Thionndaidh am fear òg, am bogsa caol fo achlais, a-staigh air fear de na trannsaichean. Chuir Rebus stad air a’ chàr. Bha doras a’ chàir fosgailte aig Holmes mus do stad iad, agus leum e a-mach, deiseil is deònach gus ruagadh air a chois.
Tha ‘Balla Ciùil’ anns an taghadh seo de sgeulachdan eucoir Ian Rankin às na cruinnichidhean aige A GOOD HANGING (1992) agus BEGGARS BANQUET (2002): Clàradh, Mallachd Dean, A’ faicinn Rudan, Auld Lang Syne agus Club nam Fear-uasal – agus Freagairt Ceàrr, Balla-ciùil, Uinneag a’ Chothruim, Bitheamaid Geanach agus Thadthail Cuideigin air Eddie. Ann an naoi de na sgeulachdan tha rannsachadh le Inspeactair John Rebus. An aon sgeulachd anns nach eil Rebus ’s e ‘Thadhail Cuideigin air Eddie’. A rear Ian Rankin, tha an sgeulachd sin mu mhodh-obrach nam poileas: “Tha murtair innte, chaidh cuideigin a mhurt agus tha car san deireadh.”