Loading... Please wait...
  • Image 1

Sgeulachd Chnothain Feòrag - Short Story in Scottish Gaelic by Beatrix Potter: eBook and audio reading available on iTunes

£3.00
Author:

Product Description

itunes-badge.jpg

Sgeulachd Chnothain Feòrag: eBook and Audio reading of the Scottish Gaelic translation of 'The Tale of Squirrel Nutkin' by Beatrix Potter  

 Bha meas mòr aig BEATRIX POTTER air a bhith muigh air an tuath agus ’s e an rud a b’ annasaiche dhe h-òige ann an linn Bhictòria gun do chuir i seachad cuid mhòr dhe tìde ag ionnsachadh mu ainmhidhean agus a’ tarraing dhealbhan dhiubh. ’S e an gaol a bha aice air saoghal nàdair a ghluais i gu na leabhraichean beaga ainmeil aice a chruthachadh. Bhrosnaich e i gu h-àraidh gun do chuir i seachad na deich bliadhna fichead mu dheireadh dhe beatha ann an Sgìre nan Loch ann an ceann a tuath Shasainn ag obair còmhla ris an Urras Nàiseanta mar thuathanach agus mar neach-gleidhidh àrainneachd.

Tha Sgeulachd Chnothain Feòrag air a suidheachadh air Derwentwater, agus tha i stèidhte air sgeulachd Ameireaganach mu fheòragan a’ siubhal air ràthan beaga, a’ cleachdadh an earbaill mar shiùil. Tha Cnothan Feòrag a’ dol thar an locha còmhla ri a cho-oghaichean a chruinneachadh chnothan air Eilean na Comhachaig, agus tha a mì-mhodh ri Seann Mhac a’ Bhriuthainn ga chur ann an trioblaid.

 

Other Details

Audiobook:
Sgeulachd Pheadair Rabaid

Product Reviews

This product hasn't received any reviews yet. Be the first to review this product!

Write your own product review




Recent Updates

Sign up to our newsletter


Connect with us: Facebook Twitter GooglePlus